Mun Chomunn

Mun Chomunn


Air a stèidheachadh ann an 1931, aig crìoch a’ Mhòid Nàiseanta ann an Inbhir Pheothfharain, ’s e amas stèidheachaidh Comunn na Clàrsaich  a bhith a’ brosnachadh na clàrsaich agus a ceòl, agus gus a h-àite ann am beatha nàiseanta na h-Alba agus ann an coimhearsnachd clàrsach na cruinne a dhìon.

Tha am bun-reachd ag ràdh gur e amas a’ Chomuinn a bhith “a’ brosnachadh foghlam an t-sluaigh air ceòl agus cluich na clàrsaich”. Tha seo air a dhèanamh sa chiad dol a-mach tro a 13 Meuran, a bhios uile a’ cur air dòigh thachartasan, chùrsaichean agus chlasaichean a thaobh feumalachdan agus iarrtasan nam ball. Bidh an Comunn cuideachd a’ cur air dòigh agus a’ brosnachadh Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann gach earrach.


A’ brosnachadh na Clàrsaich

Tha an Comunn a’ toirt cothrom do bhuill fìor dheagh chlàrsach fhaighinn air màl aig prìsean reusanta.

Leig an sgeama màil le cuid dhe na cluicheadairean as aithnichte ciad cheum a ghabhail gu beatha-obrach soirbheachail.

Tha an duilleag seo ann am Beurla.


A’ brosnachadh a’ chiùil

Bidh an Comunn a’ cruinneachadh agus a’ foillseachadh ceòl sgrìobhte airson na clàrsaich: Duilleagan Comunn na Clàrsaich.

Gheibhear gach Duilleag a tha ann an clò rin ceannach bho Creighton’s Collection. Lean an ceangal gu h-ìseal gus a dhol chun na bùtha air-loidhne aca.

Tha an duilleag seo ann am Beurla.


A’ brosnachadh na h-ath-ghinealach

Tha an Comunn a’ toirt taic ionmhasail do cheòladairean agus sgrìobhadaiche-ciùil aig a bheil comasan air an aithneachadh.

Lean an ceangal gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun Duais Sgoilearachd bhliadhnail agus Duais Iain MhicLeòid airson Sgrìobhaiche-ciùil Òg.

Tha an duilleag seo ann am Beurla.



Comunn na Clàrsaich agus Ath-bheòthachadh na Clàrsaich Albannaich

Gus fiosrachadh inntinneach mu Chomunn na Clàrsaich fhaighinn, leugh In Good Hands: The Clarsach Society and the Renaissance of the Scottish Harp le Dr Stuart Eydmann: a’ chiad rannsachadh iomlan air a’ chlàrsaich bhig ann an Alba na h-ama seo.

Tha an duilleag seo ann am Beurla.


Goireasan

Aithisg Bhliadhnail 2022-23

Aithisg Bhliadhnail 2021-22

Aithisg Bhliadhnail 2020-21