Dè th’ ann an clàrsach?

Dè th’ ann an clàrsach?


’S e a’ chlàrsach inneal-ciùil nàiseanta as sine na h-Alba, agus i air a bhith air a cluich air feadh na talmhainn bhon na h-àmannan as tràithe. Fada mus do nochd a’ phìob, b’ i a bha aig teis-meadhan ceòl cùirteach na Gàidhlig.


Clàrsach air clach Cruithneach

Gheibhear na seallaidhean as tràithe dhen inneal-ciùil air clachan Cruithneach, a’ dol air ais chun an 8mh linn. Nochd iad ann an dà dhiofar cruth: a’ chlàrsach Chruithneach thràth, le teudan air an dèanamh le caolan no gaoisid eich; agus a’ chlàrsach Ghàidhealach, le teudan uèir.

B’ i a’ chlàrsach prìomh inneal-ciùil nan cùirtean Gàidhlig suas chun an àm a nochd a’ phìob anns a’ 15mh linn agus dh’fhuirich i aig teis-meadhan ceòl cùirte na Gàidhlig gu meadhan an 18mh linn. Bha i cuideachd fìor chudromach ann an ceòl na tràth eaglaise Ceiltich.

A’ Chlàrsach agus Cultar na Gàidhlig

Clàrsach Mhic Laomainn

Bha clàrsairean nam proifeiseantaich a bha air an sàr-oideachadh agus chuireadh iad seachad iomadh bliadhna a’ cur loinn air an ealain agus bha cliù aca os cionn nan uile a bharrachd air filidhean (sàr-bhàird nan cinnidhean). Thàinig an seann chleachdadh seo gu crìch, ge-tà, an dèidh leis mar nach do shoirbhich leis na Seumasaich agus leis mar a chaidh sìobhaltas nan cinnidhean a sgrios agus le mar a chaidh cur sìos air cultar na Gàidhlig. Cha deach an ceòl riamh a sgrìobhadh sìos leis na clàrsairean iad fhèin agus bhathar a’ creidsinn, gu bho chionn ghoirid, gun robh e gu tur caillte.

Tha iomraidhean air clàrsachan agus air clàrsairean ann an dàin agus ann am bàrdachd agus òrain  agus chaidh cuimhne air a’ chlàrsaich a chumail beò, agus gu tric a chur ann an sealladh romansach, le sgrìobhadairean leithid Sir Walter Scott.

’S iad na clàrsachan as tràithe a tha fhathast againn, Clàrsach MhicLaomainn bhon 15mh linn, agus Clàrsach na Banrigh Màiri, a tha ann an staid nas fheàrr, a bhuineas dhan àm aig toiseach an 16mh linn. Chìthear na dhà dhiubh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Am Mòd Nàiseanta

Ann an 1892, stèidhich am Morair Gilleasbaig Caimbeul am Mòd Nàiseanta (am Mòd Nàiseanta Rìoghail a th’ air a-nis) gus gach rud Gàidhlig a bhrosnachadh agus a chur air adhart. Choimisean e innealan-ciùil bho J agus R. Glen, à Dùn Èideann agus stèidhich e duais airson na seinn as fheàrr le fèin-thaic air clàrsach.

Bha na h-innealan sin stèidhichte air Clàrsach na Banrigh Màiri; ach, an àite uèir, bha na teudan air an dèanamh le caolain mar a bha na clàrsachan peadail a bha air an dèanamh aig an àm. Mar sin, thàinig clàrsach an latha an-diugh gu bith agus beag air bheag thòisich i air a bhith air a leasachadh chun na tè a tha air a cleachdadh gu bitheanta an-diugh.

Gus cothrom luath fhaighinn air iomadh gleus, no fiù gleus atharrachadh ann an òran gun feum a bhith a’ gleusadh na clàrsaich a-rithist, chaidh lann leth-phong a chur rithe. Bha coltas orra sin coltach ri lann neò-gheur air sgian-pòca, agus bha iad air an sgriùbhadh a-steach a dh’amhaich na clàrsaich. Nuair a bhiodh iad air an tionndadh aig ceàrn dìreach gus an sìn iad air an àite cheart dhen teud, bha an teud air a giorrachadh agus mar sin bha am fuaim leth-thòna na b’ àirde. Bha seata slàn de lannan a’ toirt ccothrom do luchd-cluich 8 gleusan màidsear, cho math ri màidhnearan agus mòdaichean dàimheach, a’ toirt leudachadh mòr air comasan an inneil-ciùil. Tha e cuideachd a’ freagairt nan ceistean a dh’fhaighnichear gu tric: “Carson, co-dhiù ann an Alba agus sa Rìoghachd Aonaichte,  a bhios sinn gu bitheanta a’ gleusadh nan clàrsaichean ann an E flat no A flat?”

A chionn ’s gu bheil teud caolain na clàrsaich air a cluich a’ cleachdadh pada na meòir, le luchd-cluich nan teudan uèir a’ cleachdadh an ìnean, bha na h-innealan ùra nas motha, ged a bha, sa chiad dol a-mach co-dhiù, mun aon àireamh de theudan orra.

Air am brosnachadh le cruthachadh agus an uair sin le obair Comunn na Clàrsaich ann an 1931 aig crìoch Mòd Inbhir Pheothfharain, thòisich barrachd luchd-dèanamh chlàrsaichean ann an Alba, san RA agus air feadh an t-saoghail air clàrsaichean a dhèanamh agus a leasachadh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air luchd-dèanamh tràth nan clàrsaichean agus tha dealbhan dhe na h-innealan aca rim faighinn ann an leabhar Stuart Eydmann In Good Hands, a chaidh a choimiseanadh le Comunn na Clàrsaich.

A’ Chlàrsach

Bha leasachadh nan sàr luamhagan gus a dhol an àite siostam tràth nan lannan a’ ciallachadh gun robh mòran chothroman ciùil eile ann. Tha a’ chlàrsach, mar a chanar rithe gu bitheanta, air a cleachdadh ann an ceòl iomadh dùthaich agus ann an gach nòs agus gnè mar inneal-ciùil leatha fhèin, ann am buidhnean, còmhlain agus ann an orcastrathan. Chaidh aig cruthachadh na clàrsaich dealantach agus siostam fuaime math, leigeil leatha a bhith na prìomh inneal-ciuil seach a bhith na inneal-taic mar a b’ àbhaist a bhith innte.

Aig aon àm bha a’ chlàrsach air a meas le clàrsairean mar cheum gu ruige  cruit “cheart” (le peadail), a-nis tha a’ chlàrsach air a faicinn mar inneal-ciùil iol-chomasach leis na feartan, am fuaim agus na stòrasan cruinneachaidh aice fhèin.

Ath-bheòthachadh nan 70an

Ath-bheòthachadh nan 70an

Anns na 1970an, thòisich rannsachadh air an stòr ealantais agus modh-cleachdaidh nam prìomh luchd-ciùil agus luchd-rannsachaidh aig a’ chlàrsaich. Bha fuinn a bha ann an seann stòrasan chruinneachaidhean liùit, fidheal agus pìoba air an rannsachadh gu bhith a’ tighinn bho sheann chlàrsairean agus sheall modhan sganaidh na dòighean a bha iad air an cruthachadh. Leig ath-riochdachaidhean de sheann innealan-ciùil leinn na fuaimean fìor a chluinntinn.

An-diugh, tha barrachd chlàrsairean, luchd-teagaisg agus luchd-ciùil na bha riamh ann. Tha eachdraidh chliùiteach aice agus tha cùisean beòthail an-dràsta agus bithidh anns an àm ri teachd cuideachd.

Leughadh a bharrachd: