Ballrachd

Ballrachd


Gabh Ballrachd ann an Comunn na Clàrsaich airson farsaingeachd de bhuannachdan. Nam measg sin tha:

  • Clàrsaichean air màl aig prìs reusanta
  • Eòlas a chur air daoine leis na h-aon ùidhean riut fhèin aig a’ mheur/na meuran a roghnaicheas tu
  • Cuirmean agus tachartasan sòisealta nam Meuran agus a’ Chomuinn
  • Cothrom air leasanan agus bùithtean-obrach àrd-chàileachd
  • Litrichean-naidheachd leis an fhiosrachadh as ùire bho shaoghal na clàrsaich.

Roinnean agus Cosgaisean Ballrachd Bliadhnail 2021

RoinneanCosgaisean Ballrachd
Lasaichte*£10.00
Àbhaisteach£20.00
Teaghlach£25.00

* 18 bliadhna a dh’aois agus nas òige; oileanaich ann am foghlam làn-ùine; gun tuarastal; ciorramach; daoine nas sine (m.e. aois a’ pheinnsein/air an dreuchd a leigeil dhiubh)


Mar a ghabhar Ballrachd

  • Log a-steach no cruthaich cunntas
  • Tagh am Meur dham bu mhiann leat a dhol, agus an roinn ballrachd (Lasachadh, Inbheach, Teaghlach)
  • Faodaidh tu ballrachd a ghabhail ann am iomadh Meur; ach thoir an aire gu bheil cosgais a bharrachd ann airson gach ballrachd.
Mar a tha Ballrachd ag obair

Tha ballrachd bhliadhnail de Chomunn na Clàrsaich a’ tòiseachadh aig dìreach £10.00.

Tha ballrachd stèidhte air meuran, ach chan fheum thu ballrachd a ghabhail san fhear ionadail agad; faodaidh tu cuideachd ballrachd a ghabhail ann am barrachd air aonan *.

Tha 13 Meur stèidhte anns an RA (ach a-mhàin meur dhaibhsan le ùidh ann an clàrsach teud uèir) ach chan eil iad cuingealaichte a thaobh cruinn-eòlas: tha gach tachartas nam meuran air a bhith air-loidhne airson na bliadhna mu dheireadh, agus cumar le bhith a’ tabhann chùisean air-loidhne san àm ri teachd, fiù ’s nuair a thilleas sinn gu bhith a’ coinneachadh aghaidh ri aghaidh a-rithist.

Faic duilleag nam Meuran againn airson barrachd fiosrachaidh.

* Tha cosgais ballrachd a bharrachd airson gach Meur anns an gabhar ballrachd.

A’ Gabhail Ballrachd bho Thall-thairis

Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air buill bho air feadh an t-saoghail – gu sònraichte a-nis bhon a tha sinn cho cleachdte ri bhith a’ teagasg agus ag ionnsachadh air-loidhne.

Tha an siostam air-loidhne againn a’ cleachdadh Stripe airson phàighidhean agus tha e a’ cur feum air caird às dìreach no cairt creideis: mura bheil seo freagarrach dhut, cuir brath thigainn airson dòighean pàighidh eadar-dhealaichte.

Ballrachd mar Ghibht

Dh’fhaodadh ballrachd ann an Comunn na Clàrsaich a bhith na thìodhlac air leth do chuideigin sònraichte!

Cuir brath thugainn gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn.

Mura tèid agad air ballrachd a ghabhail air-loidhne, no ma tha ceistean sam bith eile agad, cuir brath thugainn.


Chan eil thu cinnteach a bheil ballrachd agad?

Feumaidh tu log a-steach a dhèanamh no cunntas a chruthachadh, mus tagh thu am Meur anns a bheil thu ag iarraidh ballrachd a ghabhail.

Ma tha thu air am facal-faire agad a dhìochuimhneachadh, theirig gu ‘Dhìochuimhnich mi m’ fhacal-faire’ air an duilleig no cuir brath thugainn.

Nad chustamair aig Fèis Eadar-naiseanta na Clàrsaich mu thràth?

Tha Fèis Eadar-nàiseanta na Clàrsaich na phrìomh thachartas Comunn na Clàrsaich.

Ma tha thu air ticeadan a cheannach air-loidhne airson Fèis Eadar-nàiseanta na Clàrsaich, bidh cunntas agad cheana; log a-steach leis an aon fhiosrachadh.