Ceistean Cumanta

Ceistean Cumanta


Dè th’ ann an clàrsach?

’S e th’ ann an Clàrsach ach clàrsach bheag na h-Alba.  ’S e clàrsach le luamhagan a th’ innte, le luamhagan air an cleachdadh gus atharrachaidhean leth-tòna a dhèanamh gus gleusan atharrachadh (ao-coltach ris a’ chlàrsaich luamhagan chlasaigeach, a bhios a’ cleachdadh nan luamhagan air an aon adhbhar).  Faigh barrachd a-mach mu eachdraidh an inneil àraid seo.

Ciamar a gheibh mi tè?

Ciamar a gheibh mi tè?

’S e inneal-ciùil àraid a tha anns a’ chlàrsaich (agus chan e dìreach sinne a tha ag ràdh sin!), agus buannachdan an cois a bhith ga h-ionnsachadh; sa chiad dol a-mach, tha e do-dhèante fuaim dona a dhèanamh oirre! 

’S e a bhith a’ faighinn grèim air tè a’ chiad cheum: bidh Comunn na Clàrsaich a’ tabhann chlàrsaichean air màl aig prìs reusanta do bhuill Comunn na Clàrsaich.

Nam b’ fheàrr leat tè a bhith agad dhut fhèin, thoir sùil air liosta luchd-dèanamh agus solaraichean; no airson innealan a bha aig daoine romhad, thoir sùil air an liosta a th’ againn de chlàrsaichean a tha rin reic *. 

* Thoir an aire: tha Comunn na Clàrsaich a’ sanasachd chlàrsachan a tha gan reic às leth luchd-reic prìobhaideach; tha gach malairt air a dhèanamh gu dìreach leis an luchd-reic sin.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi a cluich?

Tha luchd-teagaisg na clàrsaich air feadh an t-saoghail: ach ’s dòcha gur e deagh thoiseach-tòiseachaidh a tha ann a dhol chun na duilleig Faigh Oide againn. Faodaidh tu cuideachd brath a chur chun nam Meuran againn airson comhairle a bhuineas dhan sgìre agad fhèin.

Càite an tèid agam air ceòl sgrìobhte fhaighinn?

Tha Comunn na Clàrsaich air a bhith air thoiseach air càch a thaobh foillseachadh ceòl sgrìobhte thar nam bliadhnachan. Tha gach Duilleag a tha ann an clò rim faighinn bho Creighton’s Collection.

Ciamar a gheibh mi ballrachd ann an Comunn na Clàrsaich?

Tha e furasta ballrachd a ghabhail sa Chomunn air-loidhne. Theirig gu duilleag ballrachd againn airson làn fhiosrachadh.

Dè eachdraidh A’ Chomuinn?

Tha eachdraidh bheartach agus inntinneach aig Comunn na Clàrsaich, agus ma tha thu ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu dhèidhinn an leabhair aig Stuart Eydmann, a tha air a shàr-rannsachadh, mholamaid In Good Hands: The Clarsach Society and the Renaissance of the Scottish Harp.  Cuir brath thugainn gus leth-bhreac a cheannach.

Cò iad a tha sa Chomunn?

Tha An Comunn air a ruith le sgioba aig a bheil fìor eòlas agus le saor-thoilich fhiosraichte, a bhios uile, cha mhòr,  a’ cluich na clàrsaich gu proifeiseanta no airson tlachd.  Faodaidh tu liosta slàn dhen luchd-stiùiridh aig an àm seo fhaicinn.

Tha aon neach-obrach pàirt-ùine aig a’ Chomunn cuideachd – Toby Hawks (neach-rianachd) – a bhios ag obair bhon taigh no bho oifis A’ Chomuinn aig Out of the Blue.  ’S e 9m-5f, Diluain gu Diardaoin no h-uairean oifise àbhaisteach.

Air sgàth suidheachadh a’ choronbhìorais aig an àm seo, chan eil Oifis Nàiseanta a’ Chomuinn fosgailte do luchd-tadhail, ach faodaidh tu fhathast brath a chur thugainn an seo.

Càite am faigh mi Aithisg Bliadhnail a’ Chomuinn?

Bidh Comunn na Clàrsaich a’ foillseachadh a Aithisg Bhliadhnail as t-fhoghar sa bhliadhna na dhèidh. Faodaidh tu an Aithisg Bhliadhnail as ùire fhaicinn an seo.  Ma tha thu ag iarraidh sealltainn air aithisg bho bhliadhna eile, cuir brath thugainn.

Dè an ceangal a th’ aig A’ Chomunn ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail?

Chaidh Comunn na Clàrsaich a stèidheachadh aig crìoch A’ Mhòid ann an Inbhir Pheothfharain ann an 1931, ’s mar sin tha an eachdraidh le chèile ceangailte.

Faigh a-mach barrachd mu cheanglaichean eadar Comunn na Clàrsaich agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail no theirig gu làrach a’ Mhòid fhèin.

Dè th’ ann agus cuin a tha Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann?

’S e Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann am prìomh thachartas clàrsaich san RA: cruinneachadh bliadhnail de luchd-ciùil thàlantach a thig bho air feadh na cruinne, agus ’s e cuideachd prìomh thachartas A’ Chomuinn.

Thèid Fèis 2021 – a’ comharrachadh 40 bliadhna den Fhèis agus 90 bliadhna de Chomunn na Clàrsaich –  a chumail air-loidhne bho 9-12 Giblean 2021.  Thoir sùil air làrach-lìn na Fèise airson an fhiosrachaidh as ùire.

www.harpfestival.co.uk

Dè na bursaraidhean no an taic a bheir An Comunn seachad?

’S e amas A’ Chomuinn “brosnachadh agus leasachadh a thoirt air cluich na clàrsaich  aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, tro oideachadh, taisbeanadh agus tro fhoillseachadh”.

Gach bliadhna, bidh Comunn na Clàrsaich a’ tabhann sgoilearachd gus brosnachadh a thoirt do chluicheadairean òga a tha a’ sealltainn tàlant aig ìre sam bith ach a tha cuibhrichte a thaobh ghoireasan, goireasan ionmhasail no eile nam measg sin.

Faigh barrachd fiosrachaidh mun Duais Sgoilearachd.

Dè tha ann an Duais Sgrìobhadair-ciùil Òg Mar Chuimhneachan air Iain Macleòid agus ciamar a chuireas mi a-steach air a son?

’S e tha ann an Duais Sgrìobhadair-ciùil Òg Mar Chuimhneachan air Iain MacLeòid ach farpais bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain Macleòid.

Tha sgrìobhadairean-ciùil òg a tha eadar aois 16 & 25 a dh’aois a’ faighinn cuireadh pìos ciùil ùr nach eil nas fhaide na 10 mionaidean agus nach eil nas giorra na 8 mionaidean a dh’fhaid a chur a-steach. Tha seo freagarrach airson clàrsach leatha fhèin no airson clàrsach cuide ri suas ri trì innealan-ciùil agus/no guth.

’S e £500 an duais cho math ri ciad chluich a’ phìos aig Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann .

Faigh barrachd fiosrachaidh mu Dhuais Sgrìobhadair-ciùil Òg Mar Chuimhneachan air Iain MacLeòid

Ciamar a chuireas mi brath chun a’ Chomuinn?

Gheibh thu làn liosta conaltraidh Comunn na Clàrsaich air duilleag Cuir brath thugainn.

Chì thu mar a chuireas tu brath thugainn le bhith a’ coimhead air duilleag Cuir brath thugainn.

Chì thu mar a chuireas tu brath thugainn le bhith a’ coimhead air duilleag Cuir brath thugainn.