Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail


The Royal National Mod
An Comunn Gàidhealach (The Highland Association) 

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a chur air bhonn a h-uile bliadhna leisAn Comunn Gàidhealach, buidheann a chaidh a stèidheachadh anns an Òban ann an 1891. Ainmeil airson a bhith a’ brosnachadh cànan agus dualchas na Gàidhlig, tha prìomh fhèis na Gàidhlig ann an Alba a’ toirt cothrom do dhaoine òga de gach aois feuchainn ann am farsaingeachd de dh’fharpaisean, ceòl agus òrain na Gàidhlig, dannsa Gàidhealach, innealan-ciùil, dràma, spòrs agus litreachas nam measg sin.

Tha Comunn na Clàrsaich, tro an ceanglaichean làidir leis A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a’ toirt taic dhan Mhòd bhliadhnail, a’ tabhann farsaingeachd de dh’fharpaisean aig ìrean òigridh agus inbheach agus aig gach ìre comais, agus tha e a’ dèanamh cinnteach gu bheil cuachan agus teisteanasan air an toirt gus cluicheadairean agus oidean a bhrosnachadh.

Bidh Pasgan a’ Mhòid de cheòl ainmichte agus stiùireadh do dh’fharpaisich air fhoillseachadh gach bliadhna leis A’ Chomunn agus faodar a cheannach bhon Oifis Nàiseanta.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a chumail bho 8mh – 16mh Dàmhair 2021 ann an cruth haidhbrid.

Bheir na farpaisean air-loidhne an cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa le bhith a’ cur a-steach bhidiothan dhiubh fhèin a’ cluich. Tha raon aoisean agus roinnean air a bhith air an leudachadh am-bliadhna gus an àireamh as motha ’s a ghabhas a bhrosnachadh.

Faigh barrachd fiosrachaidh mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail.