Dachaigh

Cuir eòlas air a’ Chlàrsaich – Inneal-ciùil àrsaidh na h-Alba

Air a cluich air feadh na talmhainn thar iomadh linn, tha a’ chlàrsach air a bhith aig teis-mheadhan ceòl Gàidhlig na h-Alba fad ùine mhòr. 

Leis an ùidh romansach ann an cultar na h-Alba agus na Gàidhlig, thàinig a’ chlàrsach gu aire a-rithist; agus ann an 1931, chaidh comunn a stèidheachadh gus a dìon agus a h-ath-stèidheachadh ‘ann am beatha nàiseanta luchd-labhairt na Gàidhlig’ – Comunn na Clàrsaich.

Fad 90 bliadhna, tha an Comunn air a bhith a’ co-roinn ùidh anns an inneal-ciùil bhrèagha seo, tro theagasg, taisbeanaidhean, foillseachadh agus rannsachadh.

Thig còmhla ri coimhearsnachd bheòthail de luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg, cluicheadairean proifeiseanta agus luchd-ùidh gus barrachd fhaighinn a-mach mun inneal-ciùil seo a tha gan ceangal còmhla.

’S e Fèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann an tachartas taisbeanaidh againn: comharrachadh bliadhnail dhe na tàlantan ciùil aig coimhearsnachd na clàrsaich air feadh an t-saoghail.


Thig còmhla ri Comunn na Clàrsaich

Thig còmhla ri coimhearsnachd bheothail de luchd-ionnsachaidh, tidsearan, cluicheadairean proifeasanta agus luchd-dealasach agus faigh a-mach dè a tha cho sònraichte mun ionnstramaid a tha gan ceangal.

Mun eadar-theangachadh

Tha sinn air cuid de dhuilleagan eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus tha sinn ag amas air barrachd a chur ris a dh’aithghearr.

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig




Faigh beagan de dh’eachdraidh na Clàrsaich!

Duilleagan Ceann-bliadhna 40 / 90

40/90 Folio

Cruinneachadh brèagha de 22 port, gus 40mh ceann-bliadhna de dh’Fhèis Clàrsach Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus 90mh ceann-bliadhna Comunn na Clàrsaich a chomharrachadh.

In Good Hands le Stuart Eydmann

In Good Hands

A’ chiad sgrùdadh iomlan air a’ chlàrsaich ann an Alba na h-ama seo. Bu chòir do dhaoine aig a bheil ùidh ann an ceòl agus cultar na h-Alba seo a leughadh.